01.02.2017

Goireas spòrs-sneachda fad na bliadhna airson Inbhir Nis agus na Gàidhealtachd?

Tha luchd spòrs-sneachda air cruinneachadh gus buidheann-obrach a stèidheachadh agus rannsachadh a dhèanamh air goireas spòrs-sneachda ‘s cur-seachadan ann an Inbhir Nis le slighe sgithidh thioram aig a’chridhe. 

Tha ballrachd na buidhne-obrach air tighinn bho Chlub Sgithidh a’ Chuirn Ghuirm, Club Spòrs-Sneachda Inbhir Nis agus bho Spòrs-Sneachda na h-Alba – buidheann nàiseanta airson spòrs-sneachda – agus luchd-ùidh eile. 

Thuirt Helen Morgan bhon bhuidheann-obrach; “’S e Inbhir Nis aon de na h-àitean as motha ann an Alba as aonais goireas mar seo, ach tha e glè fhaisg air na h-ionadan sgithidh. 

Gus rannsachadh a dhèanamh air na cothroman a th’ann, tha sinn a’ sireadh bheachdan bhon mhòr-luagh, iadsan aig a bheil ùidh ann an spòrs-sneachda, gus ceisteachan a lìonadh aig www.ibsc.org.uk.  Thèid toraidhean a’cheisteachain a chleachdadh airson ro-illeachd a chruthachadh – an ath-cheum le bhith leasachadh goireas mar seo.”

Ma tha ùidh agaibh sa phròiseact no nam bu toigh leibh a bhith sa bhuidheann-obrach, cuiribh fios gu invernesssnowsportscentre@gmail.com

Crioch